Academia.eduAcademia.edu

Sùil na cuimhne bho linn Bhioctorianach

2019

Tha an tràchdas seo ag amas sùil a thoirt air an obair a rinn àrsairean a chaidh a Leòdhais agus na Hearadh tron linn Bhioctorianach: cò bha iad, cò às a thàinig iad agus na beachdan, an fheallsanachd aca, dè seòrsa buaidh a tha an cuid obrach aca air àrc-eòlas anns na h-eileanan chun an latha an-diugh cuide ri an càirdeas a bha aca ri muinntir an àite. Tòisichidh am pàiper seo le bith a’ coimhead air eachdraidh an traidisean àrsaidh ann an Alba. ’S dòcha gur e buaidh na gluasad romansach bho Oisean, Sir Walter Scott agus William Stukeley (a bha air a bheò-ghlacadh le ‘cearcallan draoidheil’) a thug mòran de dh’àrsairean dha na h-eileanan an toiseach. Thug saidheans buaidh mhòr air a’ chuspair seo cuideachd, gu h-àraidh leis an adhartas ann am bith-eòlas agus geòlas agus mar a bha an cuspair a’ faighinn cuidhteas o bhuaidh a’ Bhìobaill. Leis an dà leasachadh seo, chaidh a shealltainn gun robh an talamh agus mac an duine tòrr na bu shine na bhathas a’ smaoineachadh anns an 18mh linn. Dh'adhbhraich seo gun deach meudachadh obann sgrùdaidh a dhèanamh air àrc-eòlas ro-eachdraidheil an dèidh meadhan an 19mh linn. Bho na 1870an air adhart, sgaoil an saidheans arc-eòlais bho ùidh amaitear aig uaislean beairteach. Bho phrìomh luchd-buaidh ann an àrc-eòlas na h-Alba anns an 19mh linn, thèid cunntas a thoirt air obair prìomh àrsairean nan Eileanan Siar aig an àm seo. Thàinig diofar dhaoine leithid: Donald Gregory, Sir Arthur Mitchell, an Caiptean Frederick W. L. Thomas, Alasdair MacGilleMhìcheil agus Peter Liddell. Thathar a’ coimhead air grunn rannsachadh-cùisean sònraichte air cuid de na làraichean a chaidh an sgrùdadh leis na h-àrsairean sin; dè an obair a chaidh a dhèanamh an toiseach, tuilleadh rannsachaidh a chaidh a dhèanamh bhon àm sin chun an latha an-diugh agus mìneachaidhean is sgeulachdan air na làraichean sin bho mhuinntir an àite agus a’ coimhead air dè an cor a bha aig Gàidhlig taobh a-staigh na h-obrach a chaidh a dhèanamh .